Alasdair Fionnlasdan (Alasdair Thuataidh) – Alasdair Finlayson

Alasdair Fionnlasdan world map

Rugadh Alasdair Thuataidh (Fionnlasdan), ann am Brù.
Ghluais an teaghlach aca gu Gabhsann bho Thuath ann an 1924 agus dh'fhalbh e a Chanada ann an 1928. Sgrìobh e na rainn seo nuair a bha e air chuairt dhachaigh à Canada ann an 1975, ag innse mar a fhuair e cùisean nuair a thill e. Sheinn e fhèin an amhran aig cèilidh ann am Barabhas ann an 1979.

Thèid mi thairis thar nam beannaibh
Thèid mi thairis thar a' chuan
Null gu tìr mo bhreith 's mo thogail
Eilean Leòdhais san Taobh-tuath.

cluich rann 1

'S tric mo smuaintean dol le cabhaig
Null gu eilean beag mo ghaoil
Far an robh mi òg nam bhalach
Ruith 's mi casruisgt' measg an fhraoich.

Chaith mi cuid de làithean m' òige
Nam chìobar òisgean agus sprèidh
'S lìonmhor làrach bonn mo bhròige
Eadar Cròic is Loch an Fhèidh.

'S tric a dh'fhalbh mi moch is anmoch
Nuair a bhiodh an aimsir fuar
Gu caoraich bhochd le sìol 's buntàta
'S le sràbh toirt bainne dha na h-uain.

'S ann am Brù a chaidh mo thogail
Air Taobh Siar Eilean Leòdhais
Far robh mòran dhe mo chàirdean
Rinn mi fhàgail 's mi glè òg.

Dh'fhàg mi Brù is chaidh mi Ghabhsann
Far an d' fhuair sinn fearann mòr
Far 'n robh daoine crìdheil, coibhneil
'S leam bu mhiann a bhith nan còir.

Bha 'm Brot, an Celcan agus Còrbett,
Calum Sheumais 's Calum Ruadh,
Murchadh Beag 's Dòmhnall Goistidh,
Iain Mòr is Dòmhnall a' Fiadh.

Iain Rochaidh agus athair,
Ian Six is Dòmhnall Bhrù,
Tormod Sona, Aonghas is Tormod,
B' e siud balaich Ghabhsann bho Thuath.

Ach 's duilich leamsa 'n-diugh bhith 'g innse
Nach eil aon dhiubh siud beò
Tha mi cianail 's beag an t-iongnadh
'G ionndrainn ìomhaigh nam fir chòir.

Thèid mi thairis thar nam beannaibh
Thèid mi thairis thar a' chuan
Null gu tìr mo bhreith 's mo thogail
Eilean Leòdhais san Taobh-tuath.