Bàrd Bharabhais (Dòmhnall MacDhòmhnaill)

Rugadh Dòmhnall MacDhòmhnaill (Dòmhnall Chràisgean), bàrd agus gobha Bharabhais, ann an Gabhsann anns a' bhliadhna 1861. B' e clachair a bha na athair, agus fìor bhàrd cuideachd.

Tha e coltach gu robh fiosachd aig cuid de na cailleachan Leòdhasach aig an àm anns an do rugadh Dòmhnall. An uair nach robh e fhathast ach na naoidhean thuirt iad gum biodh e na bhàrd a chionn gu robh dà fhiacail aige an uair a rugadh e. Eadar gum b' e seo an t-adhbhar no nach b' e, cha robh fiosachd nan cailleachan ceàrr do a thaobh-san.

Bàrd Bharabhais (Dòmhnall MacDhòmhnaill)Thòisich e ri ionnsachadh a chiùird ann an Steòrnabhagh aig aois ochd-bliadhna-deug, agus à sin chaidh e gu Deibhidh faisg air Inbhir Nis, far an do rinn e a' chiad òran - 'Òran na Lice'. Bha e fhèin ag ràdh ri daoine gu robh fios aige, an dèidh dha an t-òran sin a sgrìobhadh, gum bu bhàrd e.

Ach b' ann an uair a thàinig Bàrd Bharabhais dhachaigh gu Eilean an Fhraoich, agus a fhuair e e fhèin gu cofhurtail ri bualadh an ùird anns a' cheàrdaich aige fhèin, a dh'fhàs a chliù mar bhàrd cho mòr am measg a luchd-dùthcha. Chan eil neach a leughas a bhàrdachd nach faic gur neach e aig a bheil spèis iongantach do obair nàdair. Tha e ri faicinn Dhè ann an obair nàdair, agus ri cur luach air uile obair a' chruthachaidh gu lèir, mar chuspairean a tha gun mheang gun sgòd ri tighinn a-mach bho innleachdan dìomhair Ùghdar na cruinne.

Mar a bha Donnchadh Bàn ri luaidh air àilleachd agus maise Bheinn Dòbhrain air an robh e mion-eòlach, mar sin bha Bàrd Bharabhais ri gleusadh teudan a cheòlraidh ann a bhith ri cur an cèill a mheas air Mùirneag Leòdhais a bha gach là ri sealltainn sìos air an àite-còmhnaidh aige:



Mùirneag Leòdhais, Mùirneag àlainn,
Mùirneag a' chùil duinn 's a' chàrnaich,
Leam bu mhiann a bhith air d' àirigh,
Air a' mhòintich àrd an Leòdhas.


Map of LewisB' e a mhiann a bhith ri geur-bheachdachadh air obair a' chruthachaidh, agus a bhith ri cur sin ann am bàrdachd. Anns an oidhirp sin, rinn e an t-òran as tlachdmhoire de na h-òrain aige gu lèir - 'Eilean mo ghaoil'. Tha an t-òran seo ri foillseachadh cliù maise nàdair agus a dhaimh ris, mar tha sin air fhaicinn ann an Eilean an Fhraoich. Fhuair an t-òran seo a' chiad duais aig Mòd Ghlaschu, agus bha e airidh air sin fhaighinn.

Chan eil nì do nach eil gràdh aige - na beanntan, na glinn, an cuan, an t-iasg, na h-eòin, an òigridh agus eadhon 'gach cùil, gach lùb, gach coire agus càrn' a tha ann an eilean a ghaoil. Tha miann a chridhe air a dhaingneachadh anns gach nì tha timcheall air - anns na beanntan uaine; anns na glinn rèidh; anns na h-aibhnichean tormanach ri dian-ruith gu cuan; ann an eunlaith nan speur; agus ann an uile obair a' Chruitheir anns na nèamhan, agus air an talamh, agus anns an doimhne ìochdraich. Tha seo fìor mu gach fìor Ghaidheal, ach tha spiorad na bàrdachd ri cur loinn nas maisiche agus èideadh nas bòidhche air na cuspairean a tha seo.

Bha Dòmhnall aig an ìre a b' àirde ann an òrain èibhinn. Fhuair aon dhiubh seo - 'Dòmhnall an Gille' - a' chiad duais aig Mòd Ghlaschu.

Rinn e òrain èibhinn do radan a bha ri cur dragha air; agus don t-siataig, agus òran eile don dèideadh. Tha òrain thaitneach aige air 'Fàsachadh Ghabhsainn'; 'An Leòdhasach an Dùthaich Chèin' agus 'An Leòdhasach ri Tilleadh Dhachaigh'.

Bha deagh ghuth aige, agus mar sin, cha robh cuirm-chiùil, anns a' cheàrn sin de Leòdhas, iomlan gun Bhàrd Bharabhais a bhith anns a' chuideachd. Bha na h-òrain èibhinn aige ri call leth an tlachd an uair nach robh iad air an seinn leis fhèin. Cha robh fèith na chorp nach robh e ri cur ann an cumadh àraidh an uair a bhe e gan seinn. Mar sin, shaoileadh tu gu robh an t-aodann aige ri labhairt nam facal a bha e ri seinn. Chaochail am bàrd ann am Barabhas air an dara là den Dùbhlachd 1916.

Tha cuid de bhàrdachd agus sgeulachdan air fhoillseachadh anns an leabhar 'Bàrd Bharabhais' bhon tàinig am fiosrachadh seo.

Cuid de bhàrdachd:
An Àirigh
An Leòdhasach an Tìr Chèin
An Samhradh Cridheach
Bàthadh Dhail
Eilean mo Ghaoil
Marbhrann
Mùirneag
Òran an Radain
Òran don Dèideadh
Òran na Lice
Òran na Pàrlamaid

Cuid de sgeulachdan:
A' Bhinn Chothromach
An Gairtean Srianach
Balaich na Callainn
Bodach a' Mhuilinn
Dòmhnall an Gille
Pòsadh Eòghain ri Iseabail
Seamrag nan Ceithir Duilleag




Eilean mo ghaoil
(an sèist air a sheinn le Alma Jamieson, Steòrnabhagh)

Sèist: Eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh,
Eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh,
An eilean an fhraoich bidh daoine fuireach gu bràth,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.

Is toigh leam gach beann, gach gleann, gach tulach is òs,
Gach sruthan is allt gu mall tha siubhal gu lòn.
Is toigh leam am feur 's gach geug a chinneas air blàr,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.

Is toigh leam an sprèidh tha streap ri mullach nam beann,
An canach 's am feur 's gach geug a thogas a ceann,
O 's toigh leam gach cùil, gach lùb, gach coire agus càrn,
Tha an eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.

Is toigh leam an cuan tha cuartach' eilean mo ghràidh,
'S na tonnan a ghluaiseas uallach ullamh gu tràigh.
Is toigh leam na h-èisg, 's gach creutair beag a nì tàmh,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.

Is toigh leam an òigridh, cheòlmhor, cheanalta, ghrinn,
A sheinneas na h-òrain, còmhnard, aighearach, binn.
Is toigh leam gach gruagach shuairce tha ag imeachd air sràid,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.

Is toigh leam gach eun th' air sgiath an eilean mo ghràidh,
Bidh uiseag na speur ag èigheach madainn gach là.
Bidh smeòrach nan geug 's i fhèin a' seinn air a gràdh,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.

Bidh coirce agus eòrna gu leòr an eilean mo ghràidh,
Bidh biadh air a' bhòrd is còrr mu choinneimh gach tràth.
Bidh aois agus òg gach là ri faighinn an sàth,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.

Tha uisgeachan mìn ri cìreadh fuiltein nan gleann,
Fo bhilich an fhraoich tha gaoir is faram nan allt.
Tha osag na gaoith gu coibhneil thairis gach là,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.

Tha ghealach 's a' ghrian ag iadhadh eilean mo ghràidh,
Toirt thairis am miann gu sìol a thabhairt gu fàs.
Tha ùghdar nan reult E Fhèin ag amharc gach tràth,
Air eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.

Teipichean air a bheil an t-òran 'Eilean mo Ghaoil':
'Eilean an Fhraoich, Glasgow Lewis and Harris Association' - Janet B MacGregor (Croft Recordings, Isle of Lewis 1979)
'Eilean mo Ghaoil' - Donald Angus Matheson
'Fèis nan Còisir 95' - Choirs, Accordion & Fiddle Club & Audience (Fèis nan Còisir 1995)
'Ishbel MacAskill' - Ishbel MacAskill (Croft Recordings, Isle of Lewis 1982)
'Na Nisich 2' - Dolaidh Chalum (Comann Eachdraidh Nis)
'Na Nisich 4' - Donald MacLeod (Dòmhnall Choinnich Scodaidh) (Comann Eachdraidh Nis)
'Salute to Scotland' - Sheena Walker
'Songs from the Highlands & Islands' - Maggie Jean Mackenzie