Latha na Faing ann am Brù

A chiad pàirt de chòmhradh eadar Ailean Duncan MacFhionghain, 18 Brù, agus Catrìona NicGhillechrìosd, Glenfruin, Brù, sa Ghiblein, 1999.

A’ Phàirc agus am Baile-staigh
Nuair bha mise na mo bhalach òg, bha Brù na dhà leth a thaobh caoraich agus Latha Faing - a’ Phàirc, bho na Cùbairean a-mach gu ceann rathad a’ bhaile, agus a-steach air sin am Baile-staigh. ’S ann shuas an ceann Tom Urraghag a bha faing a’ Bhaile-staigh. Bha faing na Pàirc steach bho Rubha na Cloich air Allt Chàsgro. An-diugh tha an fhaing sin am broinn pàirc Tom Màiri Bàine agus an làrach furasta gu leòr fhaicinn. Sna làithean ud, bha “ceannardan” againn an seo sa Phàirc agus sa Bhaile-staigh. ’S e Alasdair na Clainne am fear a bha os cionn a h-uile-càil sa Phàirc - an rud a chanadh esan, sin an rud a bha dol - agus bha Coinneach Dhòmhnaill sa Bhaile-staigh. Sin na daoine a bha ag radh cuin a bhiodh an fhaing ann agus ag innse dhuinn dè an taobh a dheidheadh sinn nuair a bhiodh sinn a’ dol a-mach gun mhòinteach.

Astar nan Caorach
Caoraich na Pàirc, ’s ann taobh mòinteach Bharabhais a bha iad a’ laighe. Bha caoraich Bharabhais an uairsin a-mach taobh eile a’ Ghlinn Mhòir agus cha robh muilt san àite coltach ri muilt Bharabhais. Bha iad a’ faighinn feur oir an rathaid a-mach cho fada ’s a thogradh iad a dhol gus am buaileadh iad caoraich an Rubha! Bha caoraich nan Cùbairean agus caoraich balaich Dhòmhnaill an Eilean aig Gleann a’ Chastail Mhòir agus na caoraich againn fhìn mach Tom a’ Chastail Mhòir, timcheall Loch Càsgro agus Loch Tom nan Caorach, Isgro agus na h-àiteachan sin. Bhiodh iad a’ ruighinn a-mach Loch Sgeireach nan Urrannan agus Toman Mòra. Sin an t-astar a bh’ aig caoraich Choinnich Uilleim cuideachd. ’S ann air Gormille-bhat a bhiodh caoraich Alasdair Chaluim. Bhiodh caoraich Alasdair na Clainne no caoraich Iagain sìos taobh Allt a’ Chùil Bheag agus bha feadhainn aca dol a-mach gu Loch Bacabhat ’s timcheall Loch Aoraidh. Ach ’s e caoraich Choinnich Uilleim a b’ fhaide bhiodh a’ dol a-mach, feadhainn aca a’ ruighinn na h-Ebhatan. Bha sinn òg agus sa gheamhradh, chan fhaodadh sinn falbh gu na caoraich nar n-aonar uair sam bith. Bhithinn fhìn is Dòmhnall Iain a’ falbh agus nam biodh sneachd ann, ghearradh sinn an ceann bho bad coirc agus lìonadh sinn ar pòcaidean le sin. Nan tigeadh sinn air caoraich air a dhol am bogadh no ann an trioblaid sam bith, bheireadh sinn dhaibh diasan coirc agus co-dhiùbh bha sinn gan cumail air an uachdar.

Nis, bha raon mòr aig caoraich a’ Bhaile-staigh suas cùl a’ bhaile, mach Gleann Eirearagh ’s Taobh Loch Eirearagh agus Lag nan Laogh ’s a-mach gu Loch Brèibhat, agus feadhainn aca a-mach gu Gleann Bhruthadail. Cha robh caoraich a’ Bhaile-staigh dol cho fada a-mach ris na caoraich againn. Bha caoraich no. 15 a’ dol a-mach Gleann a’ Chastail Mhòir, a’ ruighinn a-mach Feadan Iaspotar, feadhainn aca suas gu Loch Ceartabhat, a’ dol seachad air an astar àbhaisteach. Bha sinne eòlach gu leòr air na h-àiteachan sin - Gleann a’ Chastail Mhòir, mach an Tulach ’s mach gu na h-Urrannan - ach ’s ann ainneamh a bhiodh na caoraich againn a’ dol gu na h-Ebhatan.


“Far an d’ fhuair iad am bainne”
Nuair bha na h-uain an cois nan caorach, bha iad a’ faighinn a’ bhainne air a’ mhòinteach agus nuair a thilleadh iad a-rithist nan òisgean bha iad a’ leantainn nan caorach agus a’ fuireach faisg air far an d’ fhuair iad am bainne. Ach bhiodh feadhainn aca a’ falbh, cuid cho fad-às ri taobh eile an eilein.

Bhiodh faingean aig muinntir Charlabhaigh am Beinn a’ Bhuna an uairsin agus bhiodh sinn a’ faighinn fios gu robh feadhainn an sin. Agus bhiodh feadhainn aca sna beanntan bliadhna no dhà. Bhiodh iad sin leis an t-seann rùsg. Air sgàth nach robh iad a’ faighinn dubadh ann agus nach robhas a’ glanadh a’ chraicinn no a’ chlòimh aca, bha a’ chlaimh a’ tighinn orra. Bhiodh iad a’ slaodadh an clòimh àsta fhèin is bhiodh sgreaban a’ tighinn orra. ’S e bha sa chlaimh rud uabhasach gabhaltach agus bhiodhte gan cumail a-staigh air leth bho bheathaichean eile. Bhathas gan dubadh an ceann a h-uile greis gus a slànaicheadh na sgreaban.

Ach ged bhiodh feadhainn a’ dol air seacharan, caoraich a thathas a’ biathadh còmhla ’s a tha còmhla sna lotaichean, mar as tric tha iad a’ fuireach còmhla ri chèile air a’ mhòinteach. Tha rud eile ann cuideachd. Tha iad airson a bhith air leth leotha fhèin, chan eil iad airson measgachadh le caoraich baile eile.


Fangadh agus Dubadh
Mar bu trice, bha faing ann am Pàirc Bhrù agus am Barabhas an aon latha gus an deidheadh a’ mhòinteach a ghlanadh gu lèir. ’S e chiad fhaing, ann a June, faing nan caoraich sheasg. Bhiodhte an uairsin a’ ceangal nan caorach agus bha àite fhèin aig a h-uile duine timcheall na faing far am biodh iad gan ceangal. Nuair dheidheadh na caoraich dhan fhaing - faing chip a bh’ ann - bhathas a’ dùnadh beul na faing. Chan fhaodadh duine a dhol dhan fhaing airson aon deich mionaidean co-dhiùbh gu seatlaigeadh na caoraich. Bhiodh iad sgìth a’ ruith agus an anail aca luath.

...... ri leantainn

Shearing at No 6: Standing left is Hugh Paterson, (Uisdean Iain Peidsean), 3 Brue and brothers Angus (right) and Kenneth Finlayson, (Aonghas agus Coinneach Choinnich) 6 Brue with their mother Ann, (banntrach Choinnich Dhòmhnaill Choinnich), 6 Brue, nee Macmillan, (Anna an Bhàin).

The felt roofed house in the background was the home of Kenneth Maclean, 5 Brue (Taigh Choinnich Dhòmhnaill).

Handwritten on the back of this photograph is :- “Nach eil sibh sgaiteach! Bho Màiri le làn dùrachd.”

Who was the Mairi who wrote this greeting? Perhaps it was Angus and Kenneth’s sister Mary (Màiri Choinnich) 6 Brue.
 

Fangadh agus Dubadh
Bha thu an uairsin a’ cur a-mach na caoraich, gan togail gu cliathaich na faing agus duine eile falbh leotha ’s gan ceangal. Bha na h-uain gan ceangal cuideachd. Nuair a dheidheadh na caoraich a rùsgadh, bhathas a’ tòiseachadh a’ spoth nan uan. Nis, bho dheidheadh a rùsgadh agus na h-uain a spoth ’s an leigeadh às gus am biodh an ath fhaing ann, chan fhaodadh cù a dhol faisg air caora. Cealla-deug as deidh sin bhiodh faing nan caoraich uain ann airson rùsgadh agus bhathas an uairsin gan leigeadh às - ’s ann air a’ mhòintich a bha iad fad an t-siubhail.

An ath fhaing a-rithist, ’s e faing togail nan uan, an August. Bha na caoraich air an cur dhan fhaing is bha na h-uain gan togail bhuapa agus gan ceangal. Mar bu tric, bhathas a’ fàgail na caoraich san fhaing agus a’ coiseachd dhachaigh le na h-uain. Bha rud ris an canadh iad lùthagan a’ dol air casan nan uan - pìos sreing no sìoman-Thearlaich a bhathas a’ ceangal mun chas-deiridh aca os cionn na luigh. Agus ’s ann air an aon taobh a dh’fheumadh sin a dhol air a h-uile uan. Nuair a leigeadh tu às iad, bha iad a’ falbh air fiaradh an taobh a bha ceangailte aca. Bha uain cho duilich - chan fhalbhadh iad do choin ann - dh’fheumadh na daoine a bhith air an cùl, agus leis na lùthagan orra, bha iad na b’ fhasa an draibhigeadh dhachaigh. As deidh dhaibh a dhol dhachaigh, bha na caoraich gan leigeadh às an fhaing agus gan cur a-mach agus bha na h-uain a’ tighinn a-steach an taigh. Bha h-uile duine gan cumail a-staigh trì no ceithir a làithean. Bha e sin mas tòisicheadh iad ag ith. Tha cuimhne agamsa bhith dol a-mach le na h-uain, suas an sin. Cha robh feansaichean ann an uair ud ach dà fheansa a-mach às a’ phàirc - feans Dhomhnaill Mhurchaidh agus feans Mhurdaigein. Bhiodh sinn a’ dol suas chun an Tom Ghorm, suas os cionn feans Mhurdaigein agus os cionn Lòn Mòr Mhurdaigein. Bha sinn a’ buachailleachd nan uan an sin. Bha sinn nar clainn agus bha seo math, ach bhiodh na h-uain a’ fàs cho peatail mu dheireadh. Sin mar a bhathas ag obrachadh nan uan agus bhathas nan geamhrachadh a-staigh. Cha robh tòrr chaoraich aig daoine an uair ud mar a tha an-diugh.

Uaireannan, bhiodhte dubadh nan uan as deidh an togail airson an seatlaigeadh sìos. Ach bha àm dubadh nan caorach ann an October. Bhathas gan toirt dhachaigh airson an dubadh. ’S e mialan chaorach an uairsin a bhiodh orra. Bha faing ann agus bha h-uile duine a’ falbh le chuid fhèin. Bha na h-uiread de theaghlaichean a’ dubadh còmhladh, agus ’s ann cuide ri muinntir Dhòmhnaill Mhurchaidh a bhiodh sinne. Bha amar air cùl an stàbaill. Amar fiodh a bh’ ann le ùrlar iarann agus taobhan ris, dèante airson gu ruitheadh an dub a-steach dhan amar. Dh’fheumadh sinn feuchainn an robh an dub làidir gu leòr. Bha dà sheòrsa dub ann. An tè a bha mar chèic, bhiodhte ga leaghadh ann am prais ach ’s e an tè a bha thu dòirteadh a-mach às a’ chana bu lugha dragh. Bhiodh tu a’ faighinn na do làimh trì no ceithir de mhialan chaorach ’s ga cumail fodha san dub dhà no trì mhionaidean. Nam biodh na mialan marbh bha an dub làidir gu leòr! Bha agad ris na caoraich a leagadh ’s an cur dhan amar, an togail fliuch agus an cur nan sìneadh air a’ làr iarainn. Bha thu ruith do làmh thairis orra gus an toireadh tu às na b’ urrainn dhut dhen dub mas leigeadh tu air an casan iad.


Latha na Faing: a’ tighinn leotha
Bhiodh sinn a’ falbh gu mòinteach eadar a sia ’s a seachd sa mhadainn. Mar a bha sinn a’ cruinneachadh nan caorach, bha buidheann a’ dol dhan mheadhan agus feadhainn a’ dol gach taobh, ’s nuair bha sinn taobh-muigh nan caorach, bha sinn a’ cruinneachadh air an cùl agus bha na caoraich gu lèir a’ tighinn a-steach còmhla.

Cha robh na coin an uairsin math. ’S e na daoine fhèin bu mhotha a bha dèanamh a choiseachd oir cha deidheadh na coin astar uabhasach fada ann. Bhiodh fadachd oirnn an còmhnaidh a’ tighinn leotha gu faigheadh sinn a-steach air a’ ghleann iad is gum biodh na caoraich gu nàdarrach ag iarraidh a-steach gun bhaile. Aon uair ’s gu ruigeadh iad, bha Aonghas Dhòmhnaill Mhurchaidh aig ceann an rathaid an sin romhpa is cù math aige. Cha bhiodh Aonghas a’ dol chun na mòintich oir cha robh na caoraich aige a’ dol fada mach ann. Bha e furasta dhuinn a-muigh is sinn air cùl nan caorach, ach airson an cur dhan fhaing bha feum air cù ceart agus bha sinn an còmhnaidh an crochadh air Aonghas airson sin.

Làrach Faing-dubaidh Loch Eirearagh
Làrach Faing-dubaidh Loch Eirearagh

Bha h-uile duine dol dhan fhaing agus thigeadh feadhainn fo taobh eile an eilein. Bhiodh sinn a’ feuchainn a bhith san fhaing mu mheadhan-latha leotha agus bhiodh e mu uair mus deidheadh tòiseachadh a’ rùsgadh. Tha mi creidsinn gur e Alasdair is Coinneach Uilleim an fheadhainn bu mhotha aig an robh, ’s bhiodh dà phoca mòr bran aca làn de chlòimh. Bhiodh e eadar ceithir ’s a còig mus fhaigheadh sinn dhachaigh, gu math sgìth agus deiseil airson ar bìdh. Prais mhòr buntàta is sgadan - ’s e bha math an deidh bhith fad an latha air a’ mhòinteach! ...... ri leantainn.